Job Description
ADVERT:Prìomh Neach-obrach Sgoil-àraich, gun Teisteanas, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoil Àraich Lacasdail27 uairean gach seachdain, tro theirm na sgoile, cuingealaichte gu 25 Ògmhios 2027£19,392 - £20,135 gach blaidhna, a’ gabhail a-steach £1,890 de Chuibhreann Eileanan iomallach gach bliadhna
Le taic, bidh thu a’ cur curraicealam air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig a bhios a’ cur taic ri, agus a’ stiùireadh, ionnsachadh agus leasachadh iomlan chloinne, agus a’ planadh agus a’ cur seisean cluiche air dòigh, le bhith a’ gabhail suim de dh’fheumalachdan gach pàiste.
Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agad air cùram-chloinne a thaobh a bhith ag obair le pàistean òga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth-bhliadhnaichean.
Tha e riatanach gun urrainn dhut Gàidhlig a bhruidhinn is a leughadh.
Mar riatanas laghail, feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le Clann san dreuchd seo (Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot).
Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothroim do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.
Thoir an aire gu bheil a’ Chomhairle a’ cur an sàs cheumannan tèarainteachd airson fiosrachadh agus siostaman a dhìon. Feumaidh luchd-obrach cumail ri poileasaidhean tèarainteachd fiosrachaidh. 'S dòcha gum feum iad Dearbhadh Multi-factor (MFA), no dòighean dearbhaidh eile a tha ceadaichte, a chleachdadh ma tha iad airson faighinn a-steach gu siostaman na Comhairle.
Ceann-latha: Diluain 16 Samhain 2026
Tha tuartastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach fhastadh air a’ chiad ìre den rang.
Bithibh mothachail nach eile pàirt-phàigheadh ri fhaotainn, no air a thabhann, airson na h-obrach seo.MUS CUIR THU TAGRADH A-STEACH:Dèan cinnteach gum fosgail agus gun leugh thu gach bileag a tha an cois an t-sanais seo mus lìon thu a’ bhileag tagraidh.
Mìnichidh Notaichean Stiùiridh do Luchd-tagraidh am pròiseas fastaidh againn agus mar bu chòir am fiosrachadh as deatamaiche a lìonadh a-steach san tagradh gus an am bi deagh chothrom agad do sgilean agus d’ eòlas a thaisbeanadh.
Feumar an Cunntas Obrach agus an Sònrachadh Pearsanta a leughadh gus an earrann mu ‘Eòlas’ den tagradh a lìonadh. Bu chòir dhut a dhol a rèir an t-Sònrachaidh Phearsanta gus cunntas mionaideach a thoirt air mar a tha thu a’ coileanadh gach puing agus eisimpleirean a thoirt seachad mar dhearbhadh.
Dèan leth-bhreac agus sàbhail an cunntas obrach, an sònrachadh pearsanta agus bileag sam bith eile bhon t-sanas oir cha tèid agad air am faotainn aon uair agus gun tèid am fiosrachadh mun obair a thoirt sìos.
Faodar Goireasan Tuigse Innealta (AI) a leithid Copilot agus ChatGPT a chleachdadh gus do chuideachadh a’ deasachadh tagraidh, mar eisimpleir airson beachdan a thional no gràmar no litreachadh a cheartachadh. Ach, ’s e d’ obair fhèin a dh’fheumas a bhith ann am fiosrachadh sam bith a thèid dhan tagradh a thaobh d’ eòlais, sgilean agus comais, d’ fhiosrachaidh, do theisteanasan agus na choilean thu.
’S mathaid nach tèid gabhail ri tagraidhean a tha cus an innibh Tuigse Innealta. Le bhith a’ cur a-steach tagraidh, tha thu a’ dearbhadh gu bheil am fiosrachadh fìrinneach agus stèidhichte air d’ eòlas fhèin.
Am fiosrachadh as ùire mu thagradh Dèan cinnteach gun cuir thu do sheòladh post-dealain a-steach ceart, oir ’s ann chun an t-seòlaidh sin a thèid fiosrachadh mun tagradh. Bhiodh e glic dhut a bhith toirt sùil air do bhogsa post-d, pasgan sgudail agus do chunntas MyJobScotland tric airson tuilleadh fiosrachaidh.ADVERT:Nursery Key Worker, Gaelic, Unqualified, Sgoil Araich Lacasdail
27 hours per week, term time, fixed term to 25 June 2027£19,392 - £20,135 per annum, inclusive of £1,890 Distant Islands Allowance per annum
Through the medium of Gaelic, you will plan a curriculum which supports and guides children’s all-round learning and development, and plan and organise the play session taking into account the needs of every child.
You must have proven childcare experience working with young children and their families in an early years setting.
The ability to speak and read Gaelic is essential.
This post is subject to membership of the Protecting Vulnerable Groups (PVG) Scheme as a legal requirement of a regulated role with Children (Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot).
Interviews will be conducted in person, providing candidates with the chance to personally meet the team and experience our work environment.
Please note that the Comhairle operates security measures to protect its information and systems. Employees are required to comply with information security policies and may be required to use Multi-Factor Authentication (MFA) or other approved authentication methods when accessing Comhairle systems.
Closing Date: Monday 16 November 2026
Salary for the above post is inclusive of Distant Islands Allowance.