Early Years Practitioner (13 hpw), Broadford Primary School, Isle of Skye

Employer: Highland Council

Location: GB

Salary: £8,778 - £10,668

Job type: PART_TIME

Posted: 2026-05-18T00:00:00Z

Sector: Education & Training

Job Description

Job DescriptionTiotal na h-obrach: Neach-obrach nan Tràth-bhliadhnaichean Àite-obrach: Bun-sgoil an Àth Leathainn, An t-Eilean SgitheanachUairean: 13 uairean a thìde san t-seachdain Faid: MaireannachTuarastal: £8,778 - £9,609 (Gun teisteanas) £9,747 - £10,668 (Le teisteanas) Mar as trice cuirear luchd-obrach air a’ chiad phuing air an sgèile. Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean. Fios Conaltraidh: Stephen Atkins Post-d: stephen.atkins@highland.gov.ukAdhbhar na h-Obrach: A bhith ag obair mar bhall èifeachdach de sgioba, gus seirbheis tràth-ionnsachadh is cùraim-chloinne shubailte, de dh'àrd-chàileachd a thoirt seachad gus na feumalachdan aig clann òga is an teaghlaichean a choileanadh. DÈANAIBH TAGRADH air-loidhne. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gum bi iomadachd a’ brosnachadh cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus mu bhith cothromach agus in-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air tagraichean dè gach cùl-raon, a tha riochdachail de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh thagraidhean bho thagraichean a tha dualtach a bhith fo-riochdaichte san fheachd-obrach againn. Mar bhuidheann a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a' gealltainn gun toir sinn agallamh do gach tagraiche air a bheil ciorram a tha a' coileanadh nam bun-slatan-tomhais airson na dreuchd. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte. Mar as trice, thèid fios a chur gu tagraichean air a' gheàrr-liosta tro phost-d, mura h-eilear ag ràdh an caochladh. Thoiribh sùil air a' phost-d agaibh gu cunbhalach, a’ gabhail a-steach sa pasgan sgudail/spama. Post Title: Early Years Practitioner (Gaelic)Location: Broadford Primary SchoolHours: 13 hours per weekDuration: PermanentSalary: £8,778 - £9,609 (Unqualified) £9,747 - £10,668 (Qualified) Salary placing will normally be at the first point of the scale. This post is Gaelic essential For information on working in ELC check out childcarecareersscotland.scot/. For guidance & tips on ELC roles within Highland Council click here. Contact Person: Stephen Atkins Email: stephen.atkins@highland.gov.uk Job Purpose: To work as an effective member of a team, delivering a flexible, high quality, early learning & child care service that meets the needs of young children & their families. Please APPLY ONLINE. The Highland Council understands that diversity fosters creativity and innovation. We are committed to equality of opportunity and being fair and inclusive. We welcome applicants from people from all backgrounds, representative of the communities we serve and particularly encourage applications from candidates who are likely to be under-represented in our workforce.RequirementsTha an dreuchd seo air a mheas mar dhreuchd riaghlaichte. Mar sin, dh'fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis a rèir do nàiseantachd agus eachdraidh còmhnaidh bho chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an sgrùdadh seo riatanach mura h-eil sibh a' coileanadh an dà shlat-tomhais a leanas: Feumaidh sibh a bhith nur nàiseantach den Rìoghachd Aonaichte no tè de na dùthchannan a leanas: A' Ghearmailt, Lituàinia, na Tìrean Ìsle, Portagail, Romàinia, an Ungair, a' Ghrèig, an Fhraing, Èirinn, an Eadailt, an Spàinn, no a' Phòlainn. Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air obair ann an dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no na dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson ùine trì mìosan no barrachd, nuair a bha sibh 18 bliadhna a dh’aois no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a dh’fhalbh. Thoiribh an aire gur ann oirbhse a tha an dleastanas Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis fhaighinn, agus gum feum sibh cosgaisean sam bith co-cheangailte ri seo a phàigheadh. Bidh aig an fheadhainn a tha air am fastadh mar Chleachdaichean Thràth-bhliadhnaichean (gun teisteanas) obrachadh a dh’ionnsaigh fear de na teisteanasan gu h-àrd taobh a-staigh ùine aontaichte agus thèid am pàigheadh air ìre HC0435. Bu chòir teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam a bhith aig an fheadhainn a thèid fhastadh mar Chleachdaiche Thràth-bhliadhnaichean (le teisteanas) (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus thèid am pàigheadh air ìre HC0535. Feumaidh clàradh iomchaidh aig Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (SSSC) a bhith aig a’ Chleachdaiche Tràth-bhliadhnaichean no feumaidh iad aontachadh gun dèan iad tagradh gu SSSC gus clàradh mar thagraiche. Nuair a thòisicheas iad an dreuchd, bu chòir dhan Chleachdaiche Tràth-bhliadhnaichean clàradh leis an SSSC. Ma tha iad clàraichte mar-thà agus ma tha an obair aca le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gum bi iad ag atharrachadh fastaiche, feumaidh iad innse dhan SSSC mu atharrachaidhean sam bith. Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bidhe agus Ciad Chobhair nam buannachd.   As a disability confident employer, we guarantee to interview all disabled applicants

Apply on myjobscotland.gov.uk

Helpful guides: Getting Into Education and Training · 5 Things Schools Look For When Hiring Support Staff